Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich romhad, falbh sìos, agus thig a‑nìos thu fhèin, agus Aaron maille riut; ach na briseadh na sagartan agus an sluagh a‑steach, gu teachd a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, air eagal gum bris e a‑mach orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Chidoin, chuir Usa a‑mach a làmh a ghabhail greim den àirc, oir chuir na daimh air chrith i.

Agus suidhichidh tu crìochan don t‑sluagh mun cuairt, ag ràdh, Thugaibh an aire dhuibh fhèin, nach tèid sibh suas don t‑sliabh, agus nach bean sibh ra iomall: gach neach a bheanas ris an t‑sliabh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Agus chaidh Maois sìos a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus labhair e riu.

Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh.

Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil.

An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.

Agus o làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h‑ainneirt ga glacadh le làmhachas-làidir.

Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a‑steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a‑steach, agus nach urrainn iad.

Bha an lagh agus na fàidhean ann gu teachd Eòin: o sin tha rìoghachd Dhè air a searmonachadh, agus tha gach duine a’ dol le dian strì a‑steach innte.

Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig an gràs agus an fhìrinn le Iosa Crìosd.

A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha.

Carson uime sin a thugadh an lagh? Thugadh e airson easaontais, gus an tigeadh an sìol, don do rinneadh an gealladh; air òrdachadh le ainglean ann an làimh eadar-mheadhonair.

Ach dh’fhàg an sgriobtar na h‑uile dhaoine dùinte anns a’ pheacadh, a‑chum gum biodh an gealladh tre chreideamh Iosa Crìosd air a thoirt dhaibhsan a tha a’ creidsinn.

Oir tha ar Dia-ne na theine dian-loisgeach.

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan