Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

41 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas a dh’fhaicinn a’ bhaile agus an tùir, a thog clann nan daoine.

Agus nuair a bha a’ ghrian air dol fodha, bha dorchadas ann, agus, feuch, àmhainn dheataich agus leus teine a chaidh eadar na mìrean sin.

Agus sheall e air Sòdom agus Gomorrah, agus air fearann a’ chòmhnaird uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn.

Agus thàinig thu a‑nuas air sliabh Shinài, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhaibh breitheanais chearta, agus laghannan fìrinn, reachdan agus àitheantan matha.

Seallaidh e air an talamh, agus criothnaichidh e; beanaidh e ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh.

Leum na beanntan mar reitheachan, na cnuic mar uain.

Criothnaich, a thalaimh, an làthair an Tighearna, an làthair Dia Iàcoib,

A Thighearna, lùb do fhlaitheasan, agus thig a‑nuas; bean ris na beanntan, agus bidh deatach dhiubh.

Agus lùb e na nèamhan, agus thùirling e a‑nuas, agus bha dorchadas fo a chasan.

Shil thu a‑nuas uisge gu pailt, a Dhè; air d’oighreachd, agus i sgìth, dh’fhurtaich thu.

Bha guth do thàirneanaich anns an speur; shoillsich do dhealanaich an saoghal; ghluaiseadh agus chriothnaich an talamh.

Anns an fhairge bha do shlighe, agus do cheuman anns na h‑uisgeachan mòra; agus cha d’aithnicheadh luirg do chas.

Cha bhean làmh ris; oir gu deimhinn clachar e, no sàthar sleagh troimhe: mas ainmhidh no duine e, cha mhair e beò. Nuair a shèideas an trompaid rè ùine fhada, thig iadsan a‑nìos don t‑sliabh.

Agus thug Maois an sluagh a‑mach as a’ champ an coinneamh Dhè, agus sheas iad aig ìochdar an t‑slèibh.

Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.

Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian-loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil.

Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.

Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh.

Agus ghluais ursainnean an dorais le guth an tì a ghlaodh, agus lìonadh an taigh le deataich.

O gun reubadh tu o chèile na nèamhan, gun tigeadh tu a‑nuas, gun sruthadh na slèibhtean sìos ann ad làthair;

Chunnaic mi na slèibhtean, agus, feuch, chriothnaich iad; agus bha na cnuic uile air an luasgadh gu mòr.

Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe maireannach.

Agus teichidh sibhse rathad gleann nan sliabh: oir ruigidh gleann nan sliabh gu Asal: seadh, teichidh sibh mar a theich sibh ron chrith-thalmhainn, ann an làithean Usiah rìgh Iùdah: agus thig an Tighearna mo Dhia-sa, agus a naoimh uile maille ris.

Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh gortan, agus plàighean, agus crithean-talmhainn ann am mòran àitean.

Agus thubhairt e, Thàinig an Tighearna o Shinài, agus dh’èirich e suas dhaibh o Sheir; dhealraich e a‑mach o shliabh Pharain, agus thàinig e le deich mìle de naoimh: o a dheas làimh chaidh lagh teine a‑mach dhaibh.

A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a‑chum gun teagaisgeadh e thu; agus air talamh nochd e dhut a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran à meadhon an teine.

Na briathran sin labhair an Tighearna ri ur coitheanal uile anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, an neòil agus an dubh-dhorchadais, le guth mòr; agus cha do chuir e tuilleadh ris: agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche, agus thug e dhòmhsa iad.

Aghaidh ri aghaidh labhair an Tighearna ribh anns an t‑sliabh, à meadhon an teine.

Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach:

Ann an teine lasrach, a’ dèanamh dìoghaltais air an dream aig nach eil eòlas air Dia, agus nach eil umhail do shoisgeul ar Tighearna Iosa Crìosd:

Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn,

Neach aig an do chrath a ghuth an talamh an sin: ach a‑nis gheall e, ag ràdh, Aon uair eile fhathast crathaidh mi chan e an talamh a‑mhàin, ach nèamh mar an ceudna.

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd-san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh.

Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.

Leagh na slèibhtean o làthair an Tighearna, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan