Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Bithibh deas air cheann an treas là: na tigibh am fagas dur mnathan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, Is sibhse cinn athraichean nan Lèbhitheach: naomhaichibh sibh fhèin, sibhse agus ur bràithrean, a‑chum gun toir sibh suas àirc an Tighearna Dia Israeil, a dh’ionnsaigh an àit a dh’ullaich mise dhi:

Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài.

Agus chaidh Maois sìos on t‑sliabh a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich e an sluagh, agus nigh iad an aodach.

Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.

Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh-pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh-phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach.

Mar an ceudna, a’ bhean leis an laigh fear le sìol-gin, nighidh iad araon iad fhèin ann an uisge, agus bidh iad neòghlan gu feasgar.

Air an adhbhar sin mar seo nì mi riut, O Israeil; agus a chionn gun dèan mi seo riut, ullaich thu fhèin gu còdhail a chumail rid Dhia, O Israeil.

Agus ris an treas carbad eich gheala, agus ris a’ cheathramh carbad eich bhalla-dhearg.

A labhairt ris na sagartan a bha ann an taigh Tighearna nan sluagh, agus ris na fàidhean, ag ràdh, An dèan mi gul anns a’ chòigeamh mìos, gam dhealachadh fhèin, mar a rinn mi an iomadh bliadhna seo?)

Ach cò a dh’fhaodas là a theachd a ghiùlan? Agus cò a sheasas nuair a dh’fhoillsichear e? Oir is cosmhail e ri teine an fhir-leaghaidh, agus ri acfhainn-ghlanaidh an fhir a nigheas aodach:

Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.

Na cumaibh ur dlighe o chèile, ach le toil a chèile rè tamaill, a‑chum sibh fhèin a thoirt do thrasg agus do ùrnaigh; agus thigibh cuideachd a‑rìs, a‑chum nach buair Sàtan sibh airson ur neo-gheamnaidheachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan