Cha bhean làmh ris; oir gu deimhinn clachar e, no sàthar sleagh troimhe: mas ainmhidh no duine e, cha mhair e beò. Nuair a shèideas an trompaid rè ùine fhada, thig iadsan a‑nìos don t‑sliabh.
Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.
Agus na tigeadh duine sam bith a‑nìos maille riut, agus na faicear duine anns an t‑sliabh uile, agus na ionaltradh na treudan no am buar fa chomhair an t‑slèibh sin.
Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.
(Oir cha b’urrainn iad an nì sin a chaidh àithneadh dhaibh iomchar, Agus ma bheanas fiù ainmhidh ris an t‑sliabh, clachar e, no cuirear sleagh a‑mach troimhe.
Agus rinn an luchd feall-fhalaich cabhag, agus ruith iad a‑steach air Gibeah; agus tharraing an luchd feall-fhalaich air an aghaidh, agus bhuail iad am baile uile le faobhar a’ chlaidheimh.