Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus suidhichidh tu crìochan don t‑sluagh mun cuairt, ag ràdh, Thugaibh an aire dhuibh fhèin, nach tèid sibh suas don t‑sliabh, agus nach bean sibh ra iomall: gach neach a bheanas ris an t‑sliabh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Phàraoh ris, Imich a‑mach uam; thoir an aire dhut fhèin, na faic m’aghaidh nas mò; oir anns an là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Chan eil e an comas don t‑sluagh teachd a‑nìos do shliabh Shinài; oir thug thu àithne dhuinn, ag ràdh, Cuir crìochan mun t‑sliabh, agus naomhaich e.

Agus thig Maois na aonar am fagas don Tighearna; ach cha tig iadsan am fagas, cha mhò a thèid an sluagh suas maille ris.

Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

Agus na tigeadh duine sam bith a‑nìos maille riut, agus na faicear duine anns an t‑sliabh uile, agus na ionaltradh na treudan no am buar fa chomhair an t‑slèibh sin.

Agus àithn thusa don t‑sluagh, ag ràdh, Tha sibh gu dol tro chrìch ur bràithrean, clann Esau, a tha a chòmhnaidh ann an Seir, agus bidh eagal orra romhaibh: ach thugaibh aire mhath dhuibh fhèin.

A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:

Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn,

Gidheadh bidh astar eadar sibh agus i, mu thimcheall dà mhìle làmh-choille de thomhas: na tigibh am fagas dhi, a‑chum gum bi fios na slighe agaibh air am feum sibh imeachd; oir cha do ghabh sibh riamh roimhe an rathad seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan