Ecsodus 19:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài. Faic an caibideil |
Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.
Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.