Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh, agus naomhaich iad an‑diugh, agus a‑màireach, agus nigheadh iad an aodach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob ra theaghlach, agus riùsan uile a bha maille ris, Cuiribh uaibh na diathan coimheach a tha nur measg, agus bithibh glan, agus mùthaibh ur n‑aodach:

Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil, a‑nuas an coinneamh an rìgh, agus cha do dheasaich e a chasan, agus cha do chuir e snas air a fheusaig, agus cha do nigh e a aodach on là anns an do thriall an rìgh, gus an là anns an tàinig e a‑rìs ann an sìth.

Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.

Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lèbhitheacha; a‑nis naomhaichibh sibh fhèin, agus naomhaichibh taigh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus thugaibh a‑mach an salchar as an ionad naomh.

Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.

Agus ge bè air bith a ghiùlaineas a’ bheag den cairbh, nighidh e a aodach, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

Agus gach neach a bheanas ra leabaidh, nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar.

Agus abair ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin air cheann an là màireach, agus ithidh sibh feòil: (oir ghuil sibh ann an èisdeachd an Tighearna, ag ràdh, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe? Oir bu mhath ar cor anns an Eiphit:) uime sin bheir an Tighearna feòil dhuibh, agus ithidh sibh.

Agus crathaidh an duine glan air an neòghlan air an treas là, agus air an t‑seachdamh là; agus glanaidh e e fhèin air an t‑seachdamh là, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e glan air feasgar.

Gach nì a dh’fhulaingeas an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron teine, agus glanar e; gidheadh le uisge an sgaraidh glanar e: agus gach nì nach fulaing an teine, bheir sibh fa‑near e a dhol tron uisge.

Agus nighidh sibh ur n‑aodach air an t‑seachdamh là, agus bidh sibh glan, agus na dhèidh sin thig sibh a‑steach don champ.

Agus ghlanadh na Lèbhitich, agus nigh iad an aodach: agus thug Aaron suas iad mar thabhartas an làthair an Tighearna; agus rinn Aaron rèite air an son a‑chum an glanadh.

Agus mar seo nì thu riu, a‑chum an glanadh: crath uisge glanaidh orra, agus thugadh iad ealtainn thar am feòil uile, agus nigheadh iad an aodach, agus mar sin dèanadh iad glan iad fhèin.

Agus mar seo bha cuid dhibhse: ach tha sibh air ur n‑ionnlad; ach tha sibh air ur naomhachadh; ach tha sibh air ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Iosa, agus tre Spiorad ar Dè‑ne.

Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin; oir a‑màireach nì an Tighearna nithean iongantach nur measg.

Eirich suas, naomhaich an sluagh, agus abair, Naomhaichibh sibh fhèin airson an là màireach; oir mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Tha nì mallaichte ad mheadhon, O Israeil: chan urrainn thu seasamh rod naimhdean gus an cuir sibh air falbh an nì mallaichte as ur measg.

Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan-san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile.

Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.

Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh fhèin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan