Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’innis Maois da athair-cèile gach nì a rinn an Tighearna air Phàraoh, agus air na h‑Eiphitich air sgàth Israeil, gach saothair a thàinig orra air an t‑slighe, agus cionnas a shaor an Tighearna iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Oir cionnas a thèid mise suas a dh’ionnsaigh m’athar, agus gun an leanabh maille rium, air eagal gum faic mi an t‑olc a thig air m’athair?

A‑nis, matà, O ar Dia-ne, a Dhè mhòir, chumhachdaich, agus uamhasaich, a chumas coicheangal agus tròcair, na measar beag ad fhianais an sàrachadh seo uile a thàinig oirnne, air ar rìghrean, air ar n‑uachdarain, agus air ar sagartan, agus air ar fàidhean, agus air ar n‑athraichean, agus air do shluagh uile, o làithean rìghrean Asiria gu ruig an là‑an‑diugh.

Agus theasairg e iad o làimh an tì a thug fuath dhaibh, agus shaor e iad o làimh an nàmhaid.

Gidheadh theasairg e iad air sgàth a ainme fhèin, a‑chum gun nochdadh e a chumhachd.

Mar seo abradh iadsan a shaoradh leis an Tighearna, a shaor e o làimh an nàmhaid;

Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.

Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah.

Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.

Rinneadh do dheaslàmh, O Thighearna, glòrmhor ann an cumhachd; bhris do dheaslàmh, O Thighearna, an nàmhaid na bhloighdean.

Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras.

Nuair a chuala Ietro, sagart Mhidiain, athair-cèile Mhaois, gach nì a rinn Dia airson Mhaois agus airson Israeil a shluagh, gun tug an Tighearna a‑mach Israel as an Eiphit;

Agus dh’amhairc Dia air cloinn Israeil, agus dh’fhiosraich e iad.

Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad.

Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do chiad-ghin.

Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

Agus chuir Maois teachdairean o Chadeis gu rìgh Edoim, Mar seo tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fhios agad air an t‑saothair sin uile a thàinig oirnne;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan