Agus chaidh Maois a‑mach an coinneamh a athar-chèile, agus rinn e ùmhlachd dha, agus phòg e e, agus dh’altaich iad beatha a chèile: agus thàinig iad a‑steach don bhùth.
Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach na choinneamh, an dèidh dha tilleadh o mharbhadh Chedorlaòmeir agus nan rìgh a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadhon gleann an rìgh.
Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.
Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.
Agus nuair a chuala Làban sgeul Iàcoib, mac a pheathar, an sin ruith e na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus phòg e e, agus thug e da thaigh e: agus dh’innis e do Làban na nithean sin uile.
Agus bheartaich Iòseph a charbad, agus chaidh e suas an coinneamh Israeil, a athair, gu Gòsen; agus nochd e e fhèin dha, agus thuit e air a mhuineal, agus ghuil e air a mhuineal rè tamaill.
Agus nuair a thàinig Uriah da ionnsaigh, dh’fheòraich Daibhidh dheth cionnas a bha Ioab, agus cionnas a bha an sluagh, agus cionnas a chaidh an cogadh air aghaidh.
Chaidh Batsèba uime sin a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, a labhairt ris airson Adoniah. Agus dh’èirich an rìgh suas na coinneamh, agus chrom e e fhèin dhi, agus shuidh e air a rìgh-chathair, agus thug e fa‑near cathair a chur sìos do mhàthair an rìgh; agus shuidh i air a làimh dheis.
Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.
Agus ghabh Maois am pàillean, agus shuidhich e an taobh a‑muigh den champ e, fada on champ, agus thug e pàillean a’ choitheanail mar ainm air. Agus na lorg sin, chaidh gach neach a bha ag iarraidh an Tighearna a‑mach do phàillean a’ choitheanail, a bha an taobh a‑muigh den champ.
Agus nuair a chuala Balac gun tàinig Balàam, chaidh e a‑mach na choinneamh gu baile de Mhòab, a tha làimh ri co‑chrìch Arnoin, a tha anns a’ chrìch as fhaide a‑mach.
Agus as a sin, air faotainn ar sgeòil do na bràithrean, thàinig iad nar coinneamh gu Apii-forum, agus Na Trì Taighean-òsda; agus nuair a chunnaic Pòl iad, thug e buidheachas do Dhia, agus ghabh e misneach.
Agus thàinig Iephtah gu Mispeh da thaigh, agus, feuch, thàinig a nighean a‑mach na choinneamh le tiompanan agus le dannsan, agus b’i a aon leanabh-cloinne i: cha robh aige mac no nighean ach i.
Agus dh’fhàg Daibhidh an t‑uidheam a chuir e dheth ann an làimh fear-gleidhidh an uidheim, agus ruith e a dh’ionnsaigh na h‑armailt, agus thàinig e, agus chuir e fàilte air a bhràithrean.