Agus dh’èirich esan, agus dh’ith agus dh’òl e, agus dh’imich e ann an neart a’ bhìdh sin dà‑fhichead là, agus dà‑fhichead oidhche, gu ruig Hòreb, sliabh Dhè.
Oir dh’imich iad o Rephidim, agus thàinig iad gu fàsach Shinài, agus champaich iad anns an fhàsach; agus champaich Israel ann an sin fa chomhair an t‑slèibh.
Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas.
A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.
Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.