Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus b’e ainm an fhir eile Elièser, (oir rinn Dia m’athar, thubhairt e, còmhnadh rium, agus shaor e mi o chlaidheamh Phàraoh).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn.

Mic Mhaois: Gersom agus Elièser.

Agus b’iad mic Elièseir: Rehabiah an ceann. Agus cha robh aig Elièser mic sam bith eile; ach bha mic Rehabiah ro‑lìonmhor.

Gràdhaichidh mi thu, a Thighearna mo neart.

A shaoras mi om naimhdean. Seadh, os an cionn-san a dh’èireas suas am aghaidh togaidh tusa suas mi; o fhear an ainneirt saoraidh tu mi.

Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.

Agus thubhairt Phàraoh ris, Imich a‑mach uam; thoir an aire dhut fhèin, na faic m’aghaidh nas mò; oir anns an là sin anns am faic thu m’aghaidh, gheibh thu bàs.

A‑nis nuair a chuala Phàraoh an nì seo, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh ri tobar.

Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi am choigreach ann an tìr aineoil.

Agus ghabh Maois a bhean agus a mhic, agus chuir e iad air asail, agus thill e do thìr na h‑Eiphit. Agus ghabh Maois slat Dhè na làimh.

Chuir mo Dhia-sa a‑nuas aingeal, agus dhruid e beòil nan leòmhann, air chor is nach do rinn iad mo dhochann: do bhrìgh na fhianais gun d’fhuaireadh neochiontas annam; agus fòs ad fhianais-sa, O rìgh, cha do rinn mi cron sam bith.

Agus nuair a thàinig Peadar da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, A‑nis tha fhios agam gu fìrinneach gun do chuir an Tighearna aingeal uaithe, agus gun do shaor e mi o làimh Heroid, agus o uile dhùil poball nan Iùdhach.

An sin theich Maois airson an fhacail seo, agus bha e na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac.

Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.

A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.

Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan