Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus leig Maois le a athair-cèile imeachd; agus dh’fhalbh e roimhe da thìr fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus chuir iad air falbh Rebecah, am piuthar, agus a banaltram, agus seirbhiseach Abrahàim, agus a dhaoine.

Agus dh’èirich Làban suas moch anns a’ mhadainn, agus phòg e a mhic agus a nigheanan, agus bheannaich e iad, agus dh’fhalbh e: agus thill Làban ga àite fhèin.

Agus nuair a dh’èirich an duine suas gu imeachd, e fhèin, agus a choileabach, agus a òganach, thubhairt a athair-cèile, athair na h‑ighinn ris, Feuch, a‑nis tha an là a’ tarraing gu feasgar; fanaibh, guidheam ort, rè na h‑oidhche: feuch, tha an là a’ dlùthachadh ra chrìch; fan an seo rè na h‑oidhche, agus biodh do chridhe subhach; agus a‑màireach èiridh sibh gu moch a‑chum ur turais, agus thèid thu dhachaigh.

Uime sin chaidh i a‑mach as an àite anns an robh i, agus a dà bhan-chliamhainn maille rithe; agus dh’imich iad air an t‑slighe gu dol air an ais do thìr Iùdah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan