Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad breith air an t‑sluagh anns gach àm: na cùisean cruaidhe thug iad a dh’ionnsaigh Mhaois, ach air gach cùis bhig thug iad fhèin breith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh ann an ainm an Tighearna, thàinig i ga dhearbhadh le ceistean cruaidhe.

Bha mi am athair do na bochdan; agus a’ chùis nach b’aithne dhomh rannsaich mi a‑mach.

Agus bheir iad breith air an t‑sluagh anns gach àm; ach gach cùis mhòr bheir iad ad ionnsaigh-sa, agus air gach cùis bhig bheir iad fhèin breith: mar sin bidh e nas aotraime dhutsa, agus iomcharaidh iadsan an eallach maille riut.

Agus mhaslaich mac na ban-Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, de threubh Dhan);

Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh-sa, agus èisdidh mise rithe.

Ma dh’èireas cùis a bhios ro‑chruaidh ort ann am breitheanas, eadar fuil agus fuil, eadar breith agus breith, agus eadar buille agus buille, eadhon cùisean connspaid an taobh a‑staigh ded gheatachan; an sin èiridh tu, agus thèid thu suas don ionad a thaghas an Tighearna do Dhia:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan