Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis dh’èisd Maois ri guth a athar-chèile, agus rinn e gach nì a thubhairt e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus labhair Sechaniah mac Iehieil, aon de mhic Elaim, agus thubhairt e ri Esra, Pheacaich sinn an aghaidh ar Dè, agus ghabh sinn dar n‑ionnsaigh mnathan coimheach de shluagh na tìre: ach a‑nis tha dòchas ann an Israel a‑thaobh an nì seo.

Agus dh’èirich Esra, agus thug e air na h‑àrd-shagartan, na Lèbhithich, agus Israel uile mionnachadh gun dèanadh iad a rèir an fhacail seo; agus mhionnaich iad.

Agus a stiùir e iad gu tèarainte, air chor is nach robh eagal orra, ach a chòmhdaich an fhairge an naimhdean;

A‑nis, matà, èisd rim ghuth, bheir mi comhairle ort, agus bidh Dia maille riut: bi‑sa airson an t‑sluaigh an làthair Dhè, agus bheir thu na cùisean a dh’ionnsaigh Dhè:

Ma nì thu an nì seo, agus gun àithn Dia sin dhut, an sin is urrainn thu seasamh ris, agus mar an ceudna thèid an sluagh seo uile dan àite fhèin ann an sìth.

Agus thagh Maois daoine foghainteach a‑mach a Israel uile, agus rinn e iad nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.

Eisdidh duine glic, agus meudaichidh e fòghlam; agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice:

Agus chan urrainn an t‑sùil a ràdh ris an làimh, Chan eil feum agam ort: no a‑rìs, an ceann ris na casan, Chan eil feum agam oirbhse.

Agus labhair mi ribh anns an àm sin, ag ràdh, Chan urrainn mise ur giùlan am aonar:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan