Agus teagaisgidh tu dhaibh na h‑òrdaighean agus na laghannan, agus nochdaidh tu dhaibh an t‑slighe air an còir dhaibh imeachd, agus an obair as còir dhaibh a dhèanamh.
Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.
Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.
Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.
Agus thèid mòran chinneach, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, agus gu taigh Dia Iàcoib; agus teagaisgidh e dhuinn ma shlighean, agus gluaisidh sinne na cheuman: oir à Sion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna à Ierusalem.
Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh.
A‑nis uime sin, èisd, O Israeil, ris na reachdan, agus ris na breitheanais, a tha mise a’ teagasg dhuibh a dhèanamh, a‑chum is gum bi sibh beò, agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann a bheir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh.
Feuch, theagaisg mi dhuibh reachdan agus breitheanais, eadhon mar a dh’àithn an Tighearna mo Dhia dhomh, a‑chum is gun dèanadh sibhse mar sin anns an fhearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh.
Agus ghairm Maois air Israel uile, agus thubhairt e riu, Eisd, O Israeil, ris na reachdan agus na breitheanais a labhras mi nur cluasan air an là‑an‑diugh, a‑chum gum fòghlaim sibh iad, agus gun glèidh agus gun dèan sibh iad.
Theirig-sa am fagas, agus èisd ris na h‑uile nithean a their an Tighearna ar Dia; agus labhair thusa rinne gach nì a their an Tighearna ar Dia riut, agus èisdidh sinne ris, agus nì sinn e.
Os bàrr, matà, a bhràithrean, cuireamaid a dh’impidh agus a dh’athchuing oirbh tre an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh uainne cionnas as còir dhuibh imeachd, agus Dia a thoileachadh, gum meudaicheadh sibh mar sin nas mò agus nas mò.
Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.