Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, matà, èisd rim ghuth, bheir mi comhairle ort, agus bidh Dia maille riut: bi‑sa airson an t‑sluaigh an làthair Dhè, agus bheir thu na cùisean a dh’ionnsaigh Dhè:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut.

Agus thubhairt Maois ra athair-cèile, Do bhrìgh gun tig an sluagh am ionnsaigh a dh’fhiosrachadh o Dhia.

Agus teagaisgidh tu dhaibh na h‑òrdaighean agus na laghannan, agus nochdaidh tu dhaibh an t‑slighe air an còir dhaibh imeachd, agus an obair as còir dhaibh a dhèanamh.

A‑nis dh’èisd Maois ri guth a athar-chèile, agus rinn e gach nì a thubhairt e.

Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

A‑nis uime sin imich, agus bidh mise led bheul, agus teagaisgidh mi dhut ciod a their thu.

Agus labhraidh esan air do shon-sa ris an t‑sluagh: agus bidh esan, bidh eadhon esan, dhut an àite beòil, agus bidh tusa dhàsan an àite Dhè.

Thoir teagasg don duine ghlic, agus bidh e nas glice: teagaisg an duine cothromach, agus meudaichidh e ann am fòghlam.

Agus thug Maois an cùis an làthair an Tighearna.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.

(Sheas mise eadar an Tighearna agus sibhse anns an àm sin, a nochdadh dhuibh facal an Tighearna: oir bha eagal oirbh ron teine, agus cha deachaidh sibh suas don t‑sliabh), ag ràdh,

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan