Caithidh tu as gu tur, araon thu fhèin, agus an sluagh seo a tha maille riut, oir tha an nì seo ro throm air do shon; chan eil e an comas dhut a dhèanamh ad aonar.
Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.
Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa.