Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ra athair-cèile, Do bhrìgh gun tig an sluagh am ionnsaigh a dh’fhiosrachadh o Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic athair-cèile Mhaois gach nì a rinn e ris an t‑sluagh, thubhairt e, Ciod e an nì seo a tha thu a’ dèanamh ris an t‑sluagh? Carson a tha thusa ad shuidhe ad aonar, agus a tha an sluagh uile a’ seasamh làimh riut o mhadainn gu feasgar?

Agus chuir iad an làimh e, a chionn nach d’innseadh ciod a bu chòir a dhèanamh ris.

Agus thug Maois an cùis an làthair an Tighearna.

Agus bha daoine àraidh a shalaicheadh le corp duine mhairbh, air chor is nach b’urrainn iad a’ chàisg a chumail air an là sin; agus thàinig iad an làthair Mhaois agus an làthair Aaroin air an là sin.

Agus thubhart Maois riu, Seasaibh an sin, agus cluinnidh mise ciod a dh’àithneas an Tighearna dur taobh.

A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan