Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair-cèile Mhaois an làthair Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.

Agus thog e altair an sin, agus ghairm e air ainm an Tighearna, agus shuidhich e an sin a bhùth: agus chladhaich seirbhisich Isaaic tobar an sin.

Agus rinn e dhaibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad.

An sin thug Iàcob suas ìobairtean anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh.

Agus thug Abel mar an ceudna de chiad-ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas:

Agus dh’ullaich iad an tìodhlac an coinneamh do Iòseph teachd aig meadhon-là; oir chuala iad gu robh iad gu aran ithe an sin.

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Agus labhair Heseciah gu coibhneil ris na Lèbhithich uile, a theagaisg eòlas math an Tighearna; agus dh’ith iad air an fhèill rè seachd làithean, ag ìobradh ìobairtean-sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna, Dia an athraichean.

Agus nuair a chaidh làithean na cuirme mun cuairt, chuir Iob fios orra, agus naomhaich e iad; agus dh’èirich e moch anns a’ mhadainn, agus dh’ìobair e ìobairt-loisgte a rèir an àireimh uile: oir thubhairt Iob, Theagamh gun do pheacaich mo mhic, agus gun do mhallaich iad Dia nan cridhe. Mar seo rinn Iob gach là.

Agus thàinig a bhràithrean uile da ionnsaigh, agus a pheathraichean uile, agus iadsan uile dom b’aithne e roimhe, agus dh’ith iad aran maille ris na thaigh; agus bha truas aca dheth, agus thug iad comhfhurtachd dha a‑thaobh an uilc uile a thug an Tighearna air: agus thug iad dha gach aon dhiubh bonn airgid, agus gach aon dhiubh cluas-fhàinne òir.

Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

A‑nis air an là màireach shuidh Maois gu breith a thoirt air an t‑sluagh; agus sheas an sluagh làimh ri Maois o mhadainn gu feasgar.

A‑nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharraing iad uisge agus lìon iad na h‑amair a thoirt uisge do threud an athar.

Agus thubhairt esan ra nigheanan, Agus càit a bheil e? Carson a dh’fhàg sibh an duine? Gairmibh air, a‑chum is gun ith e aran.

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Agus air maithean chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad.

Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean-sìthe de dhaimh don Tighearna.

A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.

Agus ghabh Maois am pàillean, agus shuidhich e an taobh a‑muigh den champ e, fada on champ, agus thug e pàillean a’ choitheanail mar ainm air. Agus na lorg sin, chaidh gach neach a bha ag iarraidh an Tighearna a‑mach do phàillean a’ choitheanail, a bha an taobh a‑muigh den champ.

Cha d’ith mi aran taitneach air bith, cha mhò a thàinig feòil no fìon ann am bheul, cha mhò a dh’ung mi mi fhèin idir, gus an robh trì seachdainean iomlan air an coileanadh.

Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.

Agus thàrladh, an tràth a chaidh e gu taigh uachdarain àraidh de na Pharasaich a dh’ithe bìdh air là na sàbaid, gu robh iad a’ dèanamh geur-fhaire air.

Agus nuair a chuala aon de na shuidh maille ris air bòrd na nithean sin, thubhairt e ris, Is beannaichte an tì sin a dh’itheas aran ann an rìoghachd Dhè.

Thugaibh fa‑near Israel a rèir na feòla: nach eil acasan a tha ag ithe nan ìobairt co‑roinn ris an altair?

Chan eil e an comas dhuibh cupan an Tighearna òl, agus cupan dheamhan. Chan eil e an comas dhuibh co‑roinn a bhith agaibh de bhòrd an Tighearna, agus de bhòrd dheamhan.

Uime sin co‑dhiù dh’itheas no dh’òlas sibh, no ge bè nì a nì sibh, dèanaibh na h‑uile nithean a‑chum glòir Dhè.

Agus ithidh sibh an sin an làthair an Tighearna ur Dia, agus nì sibh gàirdeachas anns gach nì ris an cuir sibh ur làmh, sibh fhèin agus ur teaghlaichean, anns an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu.

Agus ìobraidh tu ìobairtean-sìthe, agus ithidh tu an sin, agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan