Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, tha fhios agam gur mò an Tighearna na na h‑uile dhiathan; oir anns an nì sin anns an do rinn iad gu h‑uaibhreach, bha esan os an cionn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt a’ bhean ri Eliah, A‑nis le seo tha fhios agam gur duine le Dia thu, agus gur fìrinn facal an Tighearna ann ad bheul.

Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach.

Oir is mòr an Tighearna, agus ro‑airidh air cliù: agus is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan:

Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia-ne os cionn nan uile dhiathan.

Agus nochd thu comharraidhean agus iongantasan air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air uile shluagh a thìre; oir bha fhios agad gun do rinn iad gu h‑uaibhreach nan aghaidh: agus fhuair thu dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh.

Ach rinn iad fhèin agus ar n‑athraichean gu h‑uaibhreach, agus chruadhaich iad am muineal, agus cha d’èisd iad rid àitheantan.

Agus thug thu fianais nan aghaidh, a‑chum an toirt air an ais a dh’ionnsaigh do lagha; gidheadh, rinn iadsan gu h‑uaibhreach, agus cha d’èisd iad rid àitheantan, ach pheacaich iad an aghaidh do bhreitheanas, nithean ma nì duine, bidh e beò annta; agus tharraing iad air falbh an gualann, agus chruadhaich iad am muineal, agus chan èisdeadh iad.

Smachdaich thu na h‑uaibhrich; is mallaichte iadsan a thèid air seachran od àitheantan.

Oir tha fhios agam gur mòr an Tighearna agus gu bheil ar Tighearna os cionn nan uile dhiathan.

Gràdhaichibh an Tighearna, sibhse uile a naoimh-san: gleidhidh an Tighearna na daoine treibhdhireach, agus dìolaidh e gu pailt dhàsan a nì gu h‑uaibhreach.

Oir is Dia mòr ar Tighearna, agus is Rìgh mòr e os cionn nan uile dhiathan.

Oir tha thusa, a Thighearna, àrd os cionn na talmhainn uile; tha thu air d’àrdachadh gu mòr os cionn nan uile dhiathan.

Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean-ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr.

Agus thubhairt e, Nuair a nì sibh gnìomh mnà-glùine do na mnathan Eabhraidheach, agus a chì sibh iad air na stòlan; mas mac a bhios ann, an sin marbhaidh sibh e, ach mas nighean a bhios ann, bidh i beò.

Agus thug Phàraoh àithne da shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh sibh anns an abhainn; agus gach nighean gleidhidh sibh beò.

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Oir thèid mise tro thìr na h‑Eiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Eiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a gheibh mi glòir a‑thaobh Phàraoh, a‑thaobh a charbadan, agus a‑thaobh a mharc-shluaigh.

Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus lean e air tòir chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn-sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd.

Cha toir sibh connlach tuilleadh don t‑sluagh a dhèanamh chlachan-creadha mar roimhe seo: rachadh iad agus cruinnicheadh iad connlach dhaibh fhèin.

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

(Oir dh’adhlaic na h‑Eiphitich an ciad-ghin uile, a bhuail an Tighearna nam measg: air an diathan mar an ceudna chuir an Tighearna breitheanas an gnìomh.)

Nochd e neart le a ghàirdean, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin.

Ach bheir e gràs as mò uaithe: uime sin tha e ag ràdh, Tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

Na labhraibh nas mò cho ro‑uaibhreach; na tigeadh àrdan a‑mach as ur beul; oir is Dia eòlais an Tighearna, agus leis-san tha gnìomharan air an cothromachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan