Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 18:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ietro, Beannaichte gu robh an Tighearna, a shaor sibh à làimh nan Eiphiteach, agus à làimh Phàraoh, a shaor an sluagh o bhith fo làimh nan Eiphiteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì.

Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir.

Agus ghlaodh Ahimaas, agus thubhairt e ris an rìgh, Tha gach nì gu math. Agus chrom e e fhèin sìos don rìgh air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a thug thairis na daoine a thog an làmhan suas an aghaidh mo thighearna, an rìgh.

Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a labhair le a bheul fhèin rim athair Daibhidh, agus a choilean e le a làimh, ag ràdh,

Guma beannaichte an Tighearna, a thug suaimhneas da shluagh Israel, a rèir nan uile nithean a labhair e: cha do thuit aon fhacal gu làr de a bhriathran matha uile, a labhair e le làimh Mhaois, a òglach fhèin.

Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Amen agus Amen!

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Oir ciod am buidheachas a dh’fhaodas sinn ìocadh do Dhia as ur leth-se, airson an aoibhneis sin uile leis a bheil sinn ri gàirdeachas dur taobh am fianais ar Dè,

Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh.

Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh à seo, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gun sgrios mi sibh maille riu: oir nochd sibhse coibhneas do chloinn Israeil uile nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abigail, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, a chuir thusa an‑diugh am choinneamh-sa:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan