Nuair a chuala Ietro, sagart Mhidiain, athair-cèile Mhaois, gach nì a rinn Dia airson Mhaois agus airson Israeil a shluagh, gun tug an Tighearna a‑mach Israel as an Eiphit;
A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.
Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair-cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Eiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth.
Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.
Agus bidh a’ chathair seo dhòmhsa na h‑ainm sòlais, na moladh, agus na maise, am measg uile chinnich na talmhainn, a chluinneas gach uile mhath a nì mise dhaibh: agus bidh eagal agus crith orra, airson an uile mhaitheis, agus airson an uile shoirbheachaidh a dheònaicheas mise dhaibh.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.
Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.
Agus nuair a thàinig iad, agus a chruinnich iad an eaglais an ceann a chèile, dh’aithris iad meud nan nithean a rinn Dia leo, agus gun d’fhosgail e doras creidimh do na Cinnich.
An sin dh’fhan a’ chuideachd uile nan tosd, agus thug iad èisdeachd do Bharnabas agus do Phòl, ag innse meud nan comharraidhean agus nam mìorbhailean a rinn Dia leòsan am measg nan Cinneach.
Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh,
Oir chuala sinne cionnas a thiormaich an Tighearna suas uisge na mara ruaidhe romhaibh, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit; agus ciod a rinn sibh air dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh eile de Iòrdan, Sihon agus Og, a sgrios sibh gu tur.
Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,
Agus chaidh clann a’ Chenich, athair-cèile Mhaois, suas à baile nan craobh-pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.
A‑nis sgar Heber an Ceneach, a bha de chloinn Hobaib, athair-cèile Mhaois, e fhèin o na Cenich, agus shuidhich e a bhùth gu ruig còmhnard Shanaim, a tha làimh ri Cedes.