Agus thill iad, agus thàinig iad gu En‑mispat, eadhon Cadeis, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh ann an Haseson Tàmar.
Ceann-feadhna Corah, ceann-feadhna Gatam, agus ceann-feadhna Amalec: is iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Eliphads, ann an tìr Edoim: b’iad sin mic Adah.
Agus dh’imich coitheanal chloinn Israeil uile o fhàsach Shin a rèir an turasan, mar a dh’àithn an Tighearna, agus champaich iad ann an Rephidim; agus cha robh uisge ann don t‑sluagh ri òl.
Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.
Agus nuair a dh’amhairc e air Amalec, thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, ach is e a dheireadh a bhith air a sgrios gu sìorraidh.
Agus thachair, nuair a chuir clann Israeil sìol, gun tàinig na Midianaich a‑nìos, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, thàinig eadhon iadsan a‑nìos nan aghaidh.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit.
Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit.
Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;