Agus thug e mar ainm air an àite Masah agus Meribah, airson connsachadh chloinn Israeil, agus do bhrìgh gun do bhrosnaich iad an Tighearna, ag ràdh, A bheil an Tighearna nar measg, no nach eil?
Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah.
Uime sin rinn an sluagh connsachadh ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn uisge a‑chum is gun òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, Carson a tha sibh a’ connsachadh riumsa? Carson a bhrosnaicheas sibh an Tighearna?
Agus thubhairt e, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, O Thighearna, rachadh mo Thighearna, guidheam ort, nar measg (oir is sluagh rag-mhuinealach iad), agus maith dhuinn ar n‑aingidheachd agus ar peacadh, agus gabh sinn mar d’oighreachd fhèin.
Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.
Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;
Cruinnichear Aaron a‑chum a shluaigh; oir cha tèid e a‑steach don fhearann a thug mise do chloinn Israeil, a chionn gu robh sibh ceannairceach an aghaidh m’fhacail-sa aig uisge Mheribah.
A chionn gun do rinn sibh ceannairc an aghaidh m’àithne-sa ann am fàsach Shin, ann an còmhstri a’ cho-chruinneachaidh, agus nach do naomhaich sibh mi aig an uisge ann an sealladh an sùl: is e sin uisge Mheribah ann an Cadeis, ann am fàsach Shin.
Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.
Agus lasaidh mo chorraich nan aghaidh anns an là sin, agus trèigidh mi iad, agus falaichidh mi mo ghnùis uapa, agus ithear suas iad, agus thig mòran olc agus àmhgharan orra, air chor is gun abair iad anns an là sin, Nach ann a chionn nach eil ar Dia nar measg a thàinig na h‑uilc seo oirnn?
Agus thubhairt Phinehas mac Eleàsair an sagart ri cloinn Reubein, agus ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Mhanaseh, An‑diugh tha fhios againn gu bheil an Tighearna nar measg, a chionn nach do rinn sibh an cionta seo an aghaidh an Tighearna: a‑nis shaor sibh clann Israeil à làimh an Tighearna.