Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 17:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, seasaidh mise romhad an sin, air a’ charraig ann an Hòreb, agus buailidh tusa a’ charraig, agus thig uisge a‑mach aisde, a‑chum gun òl an sluagh. Agus rinn Maois mar sin ann an sealladh seanairean Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus aran o nèamh thug thu dhaibh nan acras, agus uisge as a’ charraig thug thu a‑mach dhaibh nan tart: agus thubhairt thu riu dol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a mhionnaich thu gun tugadh tu dhaibh.

Dh’fhosgail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeachan a‑mach; ruith iad air na h‑ionadan tioram mar abhainn.

A thionndaidheas a’ charraig gu linne uisge, an ailbhinn gu tobar uisge!

Tha abhainn ann, agus nì a sruthan cathair Dhè ait; naomh-ionad pàilleanan an Tì as àirde.

Sgoilt thu an tobar agus an sruth; thiormaich thu aibhnichean mòra.

Agus bhuair iad Dia nan cridhe, ag iarraidh bìdh dam miann.

Feuch, bhuail e a’ chreag, agus bhrùchd uisgeachan a‑mach, agus dh’èirich na tuiltean. An urrainn e mar an ceudna aran a thabhairt? An deasaich e feòil da shluagh?

Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah.

Ach tog-sa suas do shlat, agus sìn a‑mach do làmh os cionn na fairge, agus sgoilt i; agus thèid clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram.

Agus nuair a labhair Aaron ri coitheanal chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich, agus, feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann an neul.

Agus cha robh tart orra anns na fàsaichean tron tug thu orra siubhal; thug e air uisge sruthadh dhaibh as a’ charraig; seadh, sgoilt e a’ chreag, agus bhrùchd an t‑uisge a mach.

Gabh an t‑slat, agus cruinnich thusa an coitheanal an ceann a chèile, thu fhèin agus Aaron do bhràthair, agus labhraibh ris a’ charraig fa chomhair an sùl, agus bheir i seachad a h‑uisge; agus bheir thusa a‑mach uisge dhaibh as a’ charraig, agus bheir thu deoch don choitheanal, agus dan sprèidh.

Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.

Ach ge bè neach a dh’òlas den uisge a bheir mise dha, cha bhi tart gu bràth air: ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na thobar uisge ann, a’ sruthadh suas a‑chum na beatha maireannaich.

Agus gun d’òl iad uile an aon deoch spioradail (oir dh’òl iad den charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Crìosd):

(Tha astar aon-là‑deug o Hòreb, rathad sliabh Sheirm, gu Cadeis-barnea.)

A threòraich thu tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin, far an robh nathraichean loisgeach, agus sgorpionan, agus ionadan tartmhor far nach robh uisge; a thug a‑mach dhut uisge as a’ charraig ailbhinn;

Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh-phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan