Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 17:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èigh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Ciod a nì mi ris an t‑sluagh seo? Is beag nach eil iad gam chlachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Carson a tha thu ag èigheach riumsa? Abair ri cloinn Israeil dol air an aghaidh.

Agus dh’èigh esan ris an Tighearna, agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus thilg e anns na h‑uisgeachan e, agus rinneadh na h‑uisgeachan milis: ann an sin rinn e lagh agus òrdagh dhaibh, agus ann an sin dhearbh e iad;

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Carson a bhuin thu gu h‑olc rid sheirbhiseach? Agus carson nach d’fhuair mi deagh-ghean ad shealladh, gun do leag thu èire an t‑sluaigh seo uile orm?

Ach dh’iarr an co‑chruinneachadh uile an clachadh le clachan. Agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair chloinn Israeil uile.

Agus chruinnich Corah an co‑chruinneachadh uile nan aghaidh gu doras pàillean a’ choitheanail: agus thaisbeineadh glòir an Tighearna don cho-chruinneachadh uile.

Uime sin thog na h‑Iùdhaich clachan a‑rìs a‑chum a chlachadh.

An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad.

Agus thàinig Iùdhaich o Antioch agus o Iconium, agus chomhairlich iad an sluagh, agus air dhaibh Pòl a chlachadh, tharraing iad a‑mach as a’ bhaile e, a’ saoilsinn gu robh e marbh.

Nach do rinn mo làmh na nithean seo uile?

Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan