Ecsodus 17:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Uime sin rinn an sluagh connsachadh ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn uisge a‑chum is gun òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, Carson a tha sibh a’ connsachadh riumsa? Carson a bhrosnaicheas sibh an Tighearna? Faic an caibideil |
Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.