Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sgrìobh seo mar chuimhneachan ann an leabhar, agus aithris e ann an cluasan Iosua; oir dubhaidh mise as gu tur cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh.
Agus chaidh cuid dhiubh, eadhon de mhic Shimeoin, còig ceud fear, gu sliabh Sheir; agus Pelatiah, agus Neariah, agus Rephaiah, agus Udsiel, mic Isi air an ceann.
Nam briseamaid a‑rìs d’àitheantan, agus nan dèanamaid cleamhnas ri sluagh nan gràinealachd sin, nach biodh fearg ort rinn gus an cuireadh tu as dhuinn, air chor is nach biodh fuidheall no dol as ann?
Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.
Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.
Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.
Gabh dhut clàr-sgrìobhaidh, agus sgrìobh ann na h‑uile bhriathran a labhair mise riut an aghaidh Israeil, agus an aghaidh Iùdah, agus an aghaidh nan uile chinneach, on là anns an do labhair mi riut ann an làithean Iosiah, eadhon gus an là‑an‑diugh.
Agus nuair a dh’amhairc e air Amalec, thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Tùs nan cinneach Amalec, ach is e a dheireadh a bhith air a sgrios gu sìorraidh.
Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile.
An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth.
Agus chuir an Tighearna thu air thuras, agus thubhairt e, Falbh, agus sgrios gu tur na peacaich, na h‑Amalecich, agus cog nan aghaidh gus an cuir thu as dhaibh.
Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;
Agus bhuail Daibhidh iad o bhriseadh na fàire gu ruig feasgar an là màireach; agus cha deachaidh duine dhiubh as, ach ceithir cheud òganach a mharcaich air càmhail, agus a theich.