Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 17:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich coitheanal chloinn Israeil uile o fhàsach Shin a rèir an turasan, mar a dh’àithn an Tighearna, agus champaich iad ann an Rephidim; agus cha robh uisge ann don t‑sluagh ri òl.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Mar sin thug Maois Israel on mhuir ruaidh, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad trì làithean anns an fhàsach, agus cha d’fhuair iad uisge.

Agus dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coitheanal chloinn Israeil uile gu fàsach Shin a tha eadar Elim agus Sinài, air a’ chòigeamh-là‑deug den dara mìos an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

An sin thàinig Amalec, agus chog e ri Israel ann an Rephidim.

Oir dh’imich iad o Rephidim, agus thàinig iad gu fàsach Shinài, agus champaich iad anns an fhàsach; agus champaich Israel ann an sin fa chomhair an t‑slèibh.

Agus cha robh uisge ann don choitheanal: agus chruinnich iad iad fhèin an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin.

Agus nuair a thogadh an neul suas on phàillean, an sin gun dàil ghabh clann Israeil an turas: agus anns an ionad anns an do stad an neul, ann an sin champaich clann Israeil.

A rèir àithne an Tighearna dh’fhan iad nam bùthan, agus a rèir àithne an Tighearna ghabh iad an turas: ghlèidh iad freasdal an Tighearna, a rèir àithne an Tighearna le làimh Mhaois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan