Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Chuala mi gearan chloinn Israeil; labhair riu, ag ràdh, Mu fheasgar ithidh sibh feòil, agus anns a’ mhadainn sàsaichear sibh le aran: agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Abair ri coitheanal chloinn Israeil uile, Thigibh am fagas an làthair an Tighearna, oir chuala e ur gearan.

Uime sin rinn an sluagh connsachadh ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn uisge a‑chum is gun òl sinn. Agus thubhairt Maois riu, Carson a tha sibh a’ connsachadh riumsa? Carson a bhrosnaicheas sibh an Tighearna?

Oir labhraidh an t‑ùmpaidh a‑ghnàth amaideachd, agus dealbhaidh a chridhe aingidheachd, a chur an gnìomh ceilge, agus a labhairt foill an aghaidh an Tighearna, a dhèanamh anam an acraich falamh, agus a thabhairt na dibhe on duine ìotmhor.

A chionn gun tàinig do bhoile am aghaidh, agus d’àrdan a‑nìos gum chluasan; air an adhbhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann ad shròin, agus mo shrian ann ad bheul; agus tillidh mi air d’ais thu air an t‑slighe air an tàinig thu.

Agus abair ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin air cheann an là màireach, agus ithidh sibh feòil: (oir ghuil sibh ann an èisdeachd an Tighearna, ag ràdh, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe? Oir bu mhath ar cor anns an Eiphit:) uime sin bheir an Tighearna feòil dhuibh, agus ithidh sibh.

Cia fhad a ghiùlaineas mi leis an droch cho-chruinneachadh seo, a tha ri gearan am aghaidh? Chuala mi gearain chloinn Israeil, leis a bheil iad ri gearan am aghaidh.

Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsaigh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearna, agus ad aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gun toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois airson an t‑sluaigh.

An tì a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.

Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?

Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.

Air an adhbhar sin, ge bè air bith a chuireas an aghaidh a’ chumhachd, tha e cur an aghaidh òrdagh Dhè: agus iadsan a chuireas na aghaidh, gheibh iad breitheanas dhaibh fhèin.

Agus na dèanabh-se gearan, mar a rinn cuid dhiubhsan gearan, agus a sgriosadh iad leis an sgriosadair.

Uime sin an neach a nì tàir, chan ann air duine a tha e a’ dèanamh tàir, ach air Dia, a thug dhuinn a Spiorad Naomh fhèin.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan