Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns a’ mhadainn, an sin chì sibh glòir an Tighearna; do bhrìgh gu bheil e a’ cluinntinn ur gearain an aghaidh an Tighearna: agus ciod sinne, gu bheil sibh a’ dèanamh gearain nar n‑aghaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a labhair Aaron ri coitheanal chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich, agus, feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann an neul.

Chuala mi gearan chloinn Israeil; labhair riu, ag ràdh, Mu fheasgar ithidh sibh feòil, agus anns a’ mhadainn sàsaichear sibh le aran: agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

Agus thubhairt Maois, Bidh a’ chùis mar seo nuair a bheir an Tighearna dhuibh anns an fheasgar feòil ra h‑ithe, agus aran anns a’ mhadainn gu ur sàth; do bhrìgh gu bheil an Tighearna a’ cluinntinn ur gearain a tha sibh a’ dèanamh na aghaidh: agus ciod sinne? Chan ann nar n‑aghaidh-ne a tha ur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.

Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fo a chasan bha mar gum biodh obair de chloich shaphir, agus mar na nèamhan fhèin ann an soillse.

Agus chòmhnaich glòir an Tighearna air sliabh Shinài, agus chòmhdaich an neul e sia làithean: agus dh’èigh e ri Maois air an t‑seachdamh là à meadhon an neòil.

An sin chòmhdaich neul bùth a’ choitheanail, agus lìon glòir an Tighearna am pàillean.

Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.

Agus foillsichear glòir an Tighearna, agus chì gach uile fheòil i le chèile; oir is e beul an Tighearna a labhair.

Agus thubhairt Maois, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh; agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh.

Ach dh’iarr an co‑chruinneachadh uile an clachadh le clachan. Agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair chloinn Israeil uile.

Cia fhad a ghiùlaineas mi leis an droch cho-chruinneachadh seo, a tha ri gearan am aghaidh? Chuala mi gearain chloinn Israeil, leis a bheil iad ri gearan am aghaidh.

Air an adhbhar sin tha thusa, agus do chuideachd uile, air ur cruinneachadh an ceann a chèile an aghaidh an Tighearna: agus a‑thaobh Aaroin, ciod esan, gu bheil sibh ri gearan na aghaidh?

Agus thàrladh, nuair a chruinnicheadh an co‑chruinneachadh an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, gun do sheall iad air pàillean a’ choitheanail: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna.

Agus tàrlaidh, gun tig slat an duine a thaghas mise fo bhlàth; agus bheir mi air gearain chloinn Israeil sgur uam, leis a bheil iad ri gearan nur n‑aghaidh-se.

Nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e, Chan eil an tinneas seo a‑chum bàis, ach a‑chum glòir Dhè, a‑chum gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh da thaobh.

Thubhairt Iosa rithe, Nach dubhairt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu glòir Dhè?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan