Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’ith clann Israeil am Mana dà‑fhichead bliadhna, gus an tàinig iad gu tìr àitichte: dh’ith iad am Mana, gus an tàinig iad gu crìch tìr Chanàain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus aran o nèamh thug thu dhaibh nan acras, agus uisge as a’ charraig thug thu a‑mach dhaibh nan tart: agus thubhairt thu riu dol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a mhionnaich thu gun tugadh tu dhaibh.

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus chuir e air seachran iad anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don ghinealach sin uile a rinn olc an sealladh an Tighearna.

Agus chaidh Aaron an sagart suas gu sliabh Hor, air àithne an Tighearna, agus fhuair e bàs an sin, anns an dà‑fhicheadamh bliadhna an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, air a’ chiad là den chòigeamh mìos.

Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Eiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna.

Agus gun d’ith iad uile an t‑aon bhiadh spioradail;

Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh.

Oir bheannaich an Tighearna do Dhia thu ann an uile obraichean do làimhe: is aithne dha do thriall tron fhàsach mhòr seo; rè an dà‑fhichead bliadhna seo bha an Tighearna do Dhia maille riut, cha robh uireasbhaidh nì sam bith ort.

Gidheadh cha tug an Tighearna dhuibh cridhe a thuigsinn, agus sùilean a dh’fhaicinn, agus cluasan a chluinntinn, gus an là‑an‑diugh.

Cha do chaitheadh d’aodach dhìot le aois, cha mhò a dh’at do chas rè an dà‑fhichead bliadhna seo.

Agus sguir am mana air an là màireach an dèidh dhaibh ithe de sheann bhàrr an fhearainn; cha mhò a bha mana tuilleadh aig cloinn Israeil, ach dh’ith iad de thoradh fearann Chanàain air a’ bhliadhna sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan