Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit.
Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.
Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.
Agus cuiridh tu i fa chomhair an roinn-bhrat, a tha làimh ri àirc na Fianais; air beulaibh na cathair-thròcair, a tha os cionn na Fianais, far an coinnich mise thu.
Is e sin àireamh nithean a’ phàillein, pàillean na Fianais, mar a dh’àirmheadh iad, a rèir àithne Mhaois, airson seirbhis nan Lèbhitheach le làimh Itamair mhic Aaroin an sagart.
Ach òrdaichidh tu na Lèbhithich os cionn pàillean na Fianais, agus os cionn a shoithichean uile, agus os cionn nan uile nithean a bhuineas dha: giùlainidh iad am pàillean, agus a shoithichean uile; agus frithealaidh iad dha, agus campaichidh iad mun cuairt air a’ phàillean.
Ach suidhichidh na Lèbhithich am bùthan mun cuairt air pàillean na Fianais; a‑chum is nach bi corraich air co‑chruinneachadh chloinn Israeil, agus gleidhidh na Lèbhithich cùram pàillean na Fianais.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thoir slat Aaroin a‑rìs an làthair na Fianais, gu bhith air a gleidheadh mar chomharradh an aghaidh nan ceannairceach; agus bheir thu air falbh gu tur an gearain uamsa, a‑chum is nach bàsaich iad.
Agus thill mise, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus chuir mi na clàir anns an àirc a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh.