Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Gabh soitheach, agus cuir ann làn omeir de Mhana, agus taisg e an làthair an Tighearna, gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Maois, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, Lìon omer dheth gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean, a‑chum gum faic iad an t‑aran leis an do bheathaich mi sibh anns an fhàsach, nuair a thug mi a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan