Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug taigh Israeil Mana mar ainm air; agus bha e mar fhrois coriandeir, geal, agus a bhlas mar abhlain air an dèanamh le mil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’èirich an drùchd, a bha na laighe, suas, feuch, bha air aghaidh an fhàsaich nì beag cruinn, beag mar an liath-reothadh air an talamh.

Agus nuair a chunnaic clann Israeil e, thubhairt iad gach aon ri chèile, Mana: oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubhairt Maois riu, Seo an t‑aran a thug an Tighearna dhuibh ra ithe.

Mar sin ghabh an sluagh fois air an t‑seachdamh là.

Agus thubhairt Maois, Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, Lìon omer dheth gu bhith air a ghleidheadh airson ur ginealaichean, a‑chum gum faic iad an t‑aran leis an do bheathaich mi sibh anns an fhàsach, nuair a thug mi a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit.

Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.

A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;

Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan