Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt clann Israeil riu, B’fheàrr gum faigheamaid bàs le làimh an Tighearna ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a bha sinn nar suidhe làimh ris na poitean feòla, agus nuair a dh’ith sinn aran gu ar sàth; oir thug sibh a‑mach sinn don fhàsach seo, a mharbhadh a’ choitheanail seo uile le acras.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

Na dhèidh seo dh’fhosgail Iob a bheul, agus mhallaich e a là.

A chionn nach do dhruid i dorsan mo bhronn, agus nach d’fhalaich i bròn om shùilean.

Carson a thug e don truagh solas, agus beatha dhaibhsan a tha ann an searbhas anama:

Acrach agus tartmhor, dh’fhàilnich an anam annta.

Seadh, labhair iad an aghaidh Dhè; thubhairt iad, An urrainn Dia bòrd a dheasachadh anns an fhàsach?

Dh’ith daoine biadh nan aingeal; thug e dhaibh an sàth de lòn.

Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Eiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Eiphit?

Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Eiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?

Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.

Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.

Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?

Ag ràdh, Chan eadh; ach thèid sinn do thìr na h‑Eiphit, far nach faic sinn cogadh sam bith, cha mhò a chluinneas sinn fuaim na trompaid, no a bhios easbhaidh arain oirnn; agus an sin gabhaidh sinn còmhnaidh:

Ach nì sinn gu deimhinn gach uile nì a thig a‑mach as ar beul fhèin, a losgadh tùise do bhànrighinn nèimh, agus a thaomadh a‑mach thabhartas-dibhe dhi; amhail a rinn sinn, sinn fhèin agus ar n‑athraichean, ar rìghrean, agus ar n‑uaislean, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim: oir an sin bha pailteas bìdh againn, agus shoirbhich leinn, agus chan fhaca sinn olc air bith.

Is fheàrr dhaibhsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh na dhaibhsan a mharbhar le gort; oir tha iad sin a’ seargadh as, air an lotadh a dh’uireasbhaidh toradh na machrach.

Agus ma bhuineas tu rium mar seo, marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma fhuair mi deagh-ghean ad shealladh; agus na faiceam mo thruaighe.

Ach eadhon mìos iomlan, gus an tig i a‑mach à cuinneinean ur sròn, agus gum bi i gràineil dhuibh; a chionn gun do rinn sibh tàir air an Tighearna a tha nur measg, agus gun do ghuil sibh na làthair, ag ràdh, Carson a thàinig sinn a-mach as an Eiphit?

Agus rinn clann Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois, agus an aghaidh Aaroin; agus thubhairt an co‑chruinneachadh uile riu, Och nach d’fhuair sinn bàs ann an tìr na h‑Eiphit, no nach d’fhuair sinn bàs anns an fhàsach seo!

Agus carson a thug an Tighearna sinn don fhearann seo, a thuiteam leis a’ chlaidheamh, a‑chum gum biodh ar mnathan agus ar clann bheag nan cobhartaich? Nach b’fheàrr dhuinn tilleadh don Eiphit?

An nì beag e gun tug thu a‑nìos sinn à talamh a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, gar marbhadh anns an fhàsach, mura dèan thu thu fhèin gu h‑iomlan ad uachdaran os ar cionn?

Ach air an là màireach, rinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, ag ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna.

Agus labhair an sluagh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh Mhaois, Carson a thug sibh a‑nìos sinn as an Eiphit, gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Oir chan eil aran no uisge ann, agus tha ar n‑anam a’ gabhail gràin den aran aotrom seo.

Agus thubhairt Pòl, B’e mo ghuidhe air Dia gum biodh, chan e a‑mhàin thusa, ach mar an ceudna iadsan uile a tha ag èisdeachd rium an‑diugh, ann am beag agus ann am mòr, mar a tha mise, saor o na gèimhlean seo.

A‑nis tha sibh sàthach, a‑nis rinneadh saoibhir sibh, rìoghaich sibh as ar n‑eugmhais-ne. Agus bu mhiann leam gum bu rìghrean sibh, a‑chum gum bitheamaid-ne nar rìghrean maille ribh.

B’fheàrr leam gun giùlaineadh sibh beagan lem amaideachd; agus da‑rìribh giùlainibh leam.

Anns a’ mhadainn their thu, Och! nach b’e am feasgar e; agus anns an fheasgar their thu, Och! nach b’e a’ mhadainn e; airson eagal do chridhe, leis am bi eagal ort, agus airson sealladh do shùl a chì thu.

Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.

Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhè, carson a thug thu idir an sluagh seo thar Iòrdan gar toirt thairis do làimh nan Amorach, a‑chum ar sgrios? O b’fheàrr gu robh sinn toilichte, agus gu robh sinn air gabhail còmhnaidh air an taobh eile de Iòrdan!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan