Ecsodus 16:28Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhada a dhiùltas sibh m’àitheantan-sa a choimhead, agus mo reachdan? Faic an caibideil |
Agus rinn iad tàir air a reachdan, agus air a choicheangal a rinn e rin athraichean, agus air a theisteis leis an tug e fianais nan aghaidh; agus lean iad dìomhanas, agus dh’fhàs iad dìomhain, agus chaidh iad an dèidh nan cinneach a bha mun cuairt orra, mun tug an Tighearna sparradh dhaibh, nach dèanadh iad cosmhail riu.
Ach rinn taigh Israeil ceannairc am aghaidh anns an fhàsach: cha do ghluais iad ann am reachdan, agus rinn iad tàir air mo bhreitheanais, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; agus mo shàbaidean thruaill iad gu mòr: an sin thubhairt mi gun dòirtinn mo chorraich a‑mach orra anns an fhàsach, a‑chum an caitheamh.