Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Seo an nì a labhair an Tighearna, Bidh fois na sàbaid naoimh don Tighearna a‑màireach: a mheud is a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh an‑diugh, agus a mheud is a tha sibh gu bhruithe, bruithibh; agus gach nì a bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fhèin gu madainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig thu a‑nuas air sliabh Shinài, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhaibh breitheanais chearta, agus laghannan fìrinn, reachdan agus àitheantan matha.

Agus do shàbaid naomh dh’fhoillsich thu dhaibh; agus àitheantan, agus reachdan, agus lagh, dh’àithn thu dhaibh le làimh Mhaois d’òglach:

Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh duine sam bith dheth gu madainn.

Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.

Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

Cha mhò a bheir sibh a‑mach uallach as ur taighean air là na sàbaid, cha mhò a nì sibh obair air bith, ach naomhaichibh là na sàbaid, mar a dh’àithn mise do ur n‑athraichean.

Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile.

Agus bha am mana cosmhail ri frois coriandeir, agus a dhath mar dhath bdellium.

Chaidh an sluagh mun cuairt, agus thionail iad e, agus mheil iad e ann am muilnean, no phronn iad e ann am mortair, agus bhruith iad e ann an aighnean, agus rinn iad breacagan dheth: agus bha a bhlas mar bhlas ola ùir.

Agus thill iad, agus dh’ullaich iad spìosraidh agus ola deagh fhàile; agus ghabh iad tàmh air là na sàbaid, a rèir na h‑àithne.

Thoir an aire là na sàbaid a naomhachadh, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut.

Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan