Agus air an t‑siathamh là chruinnich iad a dhà uiread arain, dà omer airson gach aoin: agus thàinig uachdarain a’ choitheanail uile, agus dh’innis iad sin do Mhaois.
Cuimhnich a‑nis do Chruithear ann an làithean d’òige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, Chan eil tlachd agam annta:
Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.
An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.
(Oir tha e ag ràdh, Ann an àm taitneach dh’èisd mi riut, agus ann an là slàinte rinn mi còmhnadh leat: feuch, a‑nis an t‑àm taitneach; feuch, a‑nis là na slàinte.)