Seo an nì a dh’àithn an Tighearna, Cruinnichibh dheth gach duine a rèir a itheannaich, omer do gach neach a rèir àireamh ur n‑anaman; gabhadh gach duine agaibh air an son-san a tha na bhùth.
Agus nuair a thomhais iad e le omer, cha robh a’ bheag thairis aigesan a chruinnich na bu mhò, agus air-san a chruinnich na bu lugha, cha robh uireasbhaidh: chruinnich gach duine a rèir a itheannaich.