Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 16:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’èirich an drùchd, a bha na laighe, suas, feuch, bha air aghaidh an fhàsaich nì beag cruinn, beag mar an liath-reothadh air an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus aran o nèamh thug thu dhaibh nan acras, agus uisge as a’ charraig thug thu a‑mach dhaibh nan tart: agus thubhairt thu riu dol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a mhionnaich thu gun tugadh tu dhaibh.

Dh’iarr iad, agus thug e dhaibh gearra-goirt, agus le aran nèimh shàsaich e iad.

Bheir e sneachd mar olainn; sgaoilidh e an liath-reodhadh mar luaithre.

Agus ged fhras e a‑nuas mana orra ri ithe, agus ged thug e dhaibh coirce nan nèamh.

Agus thug taigh Israeil Mana mar ainm air; agus bha e mar fhrois coriandeir, geal, agus a bhlas mar abhlain air an dèanamh le mil.

Agus dh’irioslaich e thu, agus thug e ort acras fhulang, agus bheathaich e thu le mana (nì nach b’aithne dhut fhèin, cha mhò a b’aithne dod athraichean e), a‑chum gun tugadh e ort fios a bhith agad nach ann le aran a‑mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach facal a thig a‑mach à beul an Tighearna bidh duine beò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan