Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus le anail do shròine chruinnicheadh na h‑uisgeachan; sheas na tuiltean suas mar thòrr, chruadhaich na doimhneachdan ann am meadhon na fairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus leigeadh ris aigeann na fairge, nochdadh bunaitean an domhain, le achmhasan an Tighearna, le sèideadh anail a shròine.

Le sèideadh Dhè sgriosar iad, agus le anail a shròine cuirear as dhaibh.

Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh.

Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr.

Ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.

Feuch cuiridh mi osag air, agus cluinnidh e tuairisgeal, agus tillidh e da thìr fhèin, agus bheir mi air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin.

Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.

Choisich thusa tron fhairge led eich: tro chruinneachadh nan uisgeachan mòra.

Agus an sin foillsichear an t‑aingidh sin, a chlaoidheas an Tighearna le anail a bheòil fhèin, agus don cur e as le dealradh a theachd:

Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.

An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan