Sgrios iad ann am feirg, sgrios iad, agus na biodh iad ann; agus biodh fhios aig daoine gu bheil Dia na uachdaran ann an Iàcob, gu ruig crìochan na talmhainn. Selah.
Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thill an fhairge ga neart, nuair a shoillsich a’ mhadainn; agus theich na h‑Eiphitich na h‑aghaidh; agus chuir an Tighearna na h‑Eiphitich fodha ann am meadhon na fairge.
Crom, O Thighearna, do chluas, agus cluinn; fosgail, O Thighearna, do shùilean, agus faic; agus cluinn uile bhriathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.
Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò a thog thu do ghuth na aghaidh, agus a thog thu suas do shùilean gu h‑àrd? An ann an aghaidh Tì naomh Israeil?
A chionn gun tàinig do bhoile am aghaidh, agus d’àrdan a‑nìos gum chluasan; air an adhbhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann ad shròin, agus mo shrian ann ad bheul; agus tillidh mi air d’ais thu air an t‑slighe air an tàinig thu.
Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.
Agus thàrladh, nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroch, a dhia, gun do bhuail Adramelec agus Sareser, a mhic, e leis a’ chlaidheamh, agus theich iad do thìr Armenia; agus rìghich Esarhadan a mhac na àite.
Feuch, bidh iad mar asbhuain, loisgidh an teine suas iad; cha tèarainn iad an anaman fhèin o chumhachd na lasrach; chan fhàgar fiù èibhleig gu neach a gharadh, no teine gu suidhe làimh ris.
Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.
Agus tàrlaidh air an là sin, gun tèid uisgeachan beò a‑mach à Ierusalem; leth dhiubh ris an fhairge an ear, agus leth dhiubh ris an fhairge an iar: anns an t‑samhradh agus anns a’ gheamhradh bidh e.
Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.
Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.
Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh-tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.