Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean-sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh-ghean agad dhaibh.
Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?
Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.
Agus dh’innis Maois da athair-cèile gach nì a rinn an Tighearna air Phàraoh, agus air na h‑Eiphitich air sgàth Israeil, gach saothair a thàinig orra air an t‑slighe, agus cionnas a shaor an Tighearna iad.
An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad.
Agus brisidh e e, mar bhriseadh soitheach a’ chreadhadair, a bhrisear na bhloighdean; cha chaomhain e, air chor is nach faighear, na bhriseadh, sgealb a thogas teine on teinntean, no a bheir uisge on tobar.
Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon?
Agus pronnaidh mi iad an aghaidh a chèile, eadhon na h‑athraichean agus na mic le chèile, deir an Tighearna; cha ghabh mi truas, cha mhò a choigleas mi, cha mhò a nì mi iochd, air chor is nach sgriosainn iad.
Brisear nam bloighdean eascairdean an Tighearna: as na nèamhan nì e tàirneanach orra: bheir an Tighearna breith air crìochan na talmhainn; agus bheir e neart da rìgh, agus àrdaichidh e adharc a Aoin ungte fhèin.