Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’fhalaich na doimhneachdan iad; chaidh iad sìos don aigeann mar chloich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir.

Agus dh’fhalaich na h‑uisgeachan an eascairdean; cha d’fhàgadh aon dhiubh.

Agus thill na h‑uisgeachan, agus dh’fhalaich iad na carbadan, agus am marc-shluagh, agus armailt Phàraoh uile, a thàinig anns an fhairge nan dèidh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.

Shèid thu led ghaoith, chòmhdaich an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh anns na h‑uisgeachan làidir.

Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.

Mun robh doimhneachdan ann, ghineadh mise; nuair nach robh tobraichean ann, làn de uisgeachan.

Anns an àm anns am brisear thu leis an fhairge ann an doimhneachd nan uisgeachan, tuitidh do cheannachd agus do chuideachd gu h‑iomlan ann ad mheadhon.

Agus thubhairt e, Ghlaodh mi a‑thaobh m’àmhghair ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium: à broinn na h‑uaighe ghlaodh mi; chuala tusa mo ghuth.

Tillidh e a‑rìs, gabhaidh e truas dhinn; còmhdaichidh e ar n‑easaontais: seadh, tilgidh tu an uile lochdan ann an doimhneachdan na fairge.

Ach ge bè neach a bheir oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ra mhuineal, agus gum biodh e air a bhàthadh ann an doimhne na fairge.

Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan