Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is fear-cogaidh an Tighearna; is e an Tighearna as ainm dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Cò e seo Rìgh na glòire? An Tighearna làidir agus treun, an Tighearna treun ann an cath.

Crioslaich do chlaidheamh air do leis, O ghaisgich, led ghlòir agus led mhòralachd.

A‑chum gum bi fhios aig daoine gur tusa a‑mhàin don ainm Iehòbhah, an Tì as àirde os cionn na talmhainn uile.

Cogaidh an Tighearna air ur son, agus fanaidh sibhse nur tosd.

Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.

Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu?

Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh.

Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

Mar threun-fhear thèid an Tighearna a‑mach; mar fhear-cogaidh dùisgidh e suas eud: glaodhaidh e, seadh togaidh e iolach; nì e gaisge an aghaidh a naimhdean.

Is mise Iehòbhah, is e sin m’ainm: agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile, no mo chliù do dhealbhan snaidhte.

Mar seo deir an Tighearna a rinn e, an Tighearna a dhealbh e, a tha fòs ga dhaingneachadh; is e a ainm Iehòbhah;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan