Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èigh esan ris an Tighearna, agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus thilg e anns na h‑uisgeachan e, agus rinneadh na h‑uisgeachan milis: ann an sin rinn e lagh agus òrdagh dhaibh, agus ann an sin dhearbh e iad;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh tobar nan uisgeachan, agus thilg e salann an sin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Shlànaich mi na h‑uisgeachan seo: cha bhi o sin nas mò bàs, no talamh neo-thorrach.

Agus thubhairt esan, Thugaibh, matà, min am ionnsaigh. Agus thilg e anns a’ phoit i; agus thubhairt e, Taom a‑mach airson an t‑sluaigh, a‑chum gun ith iad: agus cha robh nì air bith olc anns a’ phoit.

Agus thubhairt an duine le Dia, Càit an do thuit e? Agus dh’fheuch esan dha an t‑àite. Agus gheàrr e sìos maide, agus thilg e an sin e, agus thug e air an iarann snàmh.

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Oir dhearbh thu sinn, a Dhè; ghlan thu sinn anns an teine, mar a ghlanar airgead.

Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

Agus nuair a thàinig Phàraoh am fagas, thog clann Israeil suas an sùilean, agus, feuch, bha na h‑Eiphitich air an tòir, agus bha eagal mòr orra: agus dh’èigh clann Israeil ris an Tighearna.

An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais.

Agus dh’èigh Maois ris an Tighearna, ag ràdh, Ciod a nì mi ris an t‑sluagh seo? Is beag nach eil iad gam chlachadh.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.

Tha a’ phoit-ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir; ach dearbhaidh an Tighearna na cridheachan.

An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.

Air an adhbhar sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, leaghaidh mi iad, agus dearbhaidh mi iad; oir ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh a‑thaobh nighean mo shluaigh?

A‑nis nuair a thill mi, feuch, air bruaich na h‑aibhne bha ro‑mhòran chraobh, air an taobh seo, agus air an taobh eile.

An sin thubhairt e rium, Tha na h‑uisgeachan seo ag imeachd a‑mach rathad tìr na h‑àird an ear, agus a’ dol sìos don fhàsach, agus a’ dol a‑steach don fhairge; nuair a bheirear iad a‑mach a‑chum na fairge, lèighsear na h‑uisgeachan.

Oir tha searmonachadh a’ chroinn-cheusaidh na amaideachd dhaibhsan a chaillear; ach dhuinne a shaorar is e cumhachd Dhè e.

Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;

Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.

A‑chum leòsan gun dearbh mi Israel, an glèidh iad slighe an Tighearna, a dh’imeachd innte, mar a ghlèidh an athraichean i, no nach glèidh.

A‑nis is iad seo na cinnich a dh’fhàg an Tighearna a dhearbhadh Israeil leo; (eadhon a’ mheud de Israel do nach b’aithne cogaidhean Chanàain uile;

Agus bha iad gu Israel a dhearbhadh leo, a dh’aithneachadh an èisdeadh iad ri àitheantan an Tighearna, a dh’àithn e dan athraichean le làimh Mhaois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan