Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Eiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Eiphit?
Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.
Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;
Air an adhbhar sin tha thusa, agus do chuideachd uile, air ur cruinneachadh an ceann a chèile an aghaidh an Tighearna: agus a‑thaobh Aaroin, ciod esan, gu bheil sibh ri gearan na aghaidh?
Ach air an là màireach, rinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, ag ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thoir slat Aaroin a‑rìs an làthair na Fianais, gu bhith air a gleidheadh mar chomharradh an aghaidh nan ceannairceach; agus bheir thu air falbh gu tur an gearain uamsa, a‑chum is nach bàsaich iad.
Agus labhair an sluagh an aghaidh Dhè, agus an aghaidh Mhaois, Carson a thug sibh a‑nìos sinn as an Eiphit, gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Oir chan eil aran no uisge ann, agus tha ar n‑anam a’ gabhail gràin den aran aotrom seo.
Uime sin, tha mise ag ràdh ribh, Na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas no a dh’òlas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh. Nach mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach?
Is luchd-cànrain agus gearain an dream seo, a tha ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin; agus tha am beul a’ labhairt bhriathar atmhor, agus iad a’ gabhail iongantais de phearsachan dhaoine air sgàth buannachd.