Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Na innsibh e ann an Gat, na cuiribh an cèill e ann an sràidean Asceloin; air eagal gum bi nigheanan nam Philisteach aoibhneach, air eagal gun dèan nigheanan nan neo-thimcheall-gheàrrte luathghaire.

Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn-aodaich.

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

Led achmhasan, a Dhè Iàcoib, chuireadh araon am marcach agus an t‑each nan suain.

An sin chan Maois agus clann Israeil an laoidh seo don Tighearna, agus labhair iad ag ràdh, Canaidh mise don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.

Carbadan Phàraoh agus a armailt thilg e anns an fhairge; agus tha rogha a cheannardan air am bàthadh anns an fhairge ruaidh.

Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh.

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;

Eisdibh, a rìghrean; thugaibh aire, a cheannardan: canaidh mise, mise fhèin, don Tighearna; canaidh mi don Tighearna Dia Israeil.

Agus nuair a bha iad a’ teachd an dèidh do Dhaibhidh tilleadh o mharbhadh an Philistich, thàinig na mnathan a‑mach à uile bhailtean Israeil, a’ seinn agus a’ dannsa an coinneamh an rìgh Saul, le tiompanan, le gàirdeachas, agus le innealan-ciùil trì-theudach.

Agus fhreagair na mnathan a chèile nuair a bha iad a’ seinn, agus thubhairt iad, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan