Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 15:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac Miriam a’ bhan-fhàidh, piuthar Aaroin, tiompan na làimh; agus chaidh na mnathan uile a‑mach na dèidh le tiompanan agus le dannsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain, le tiompan, agus le clàrsaich?

Na innsibh e ann an Gat, na cuiribh an cèill e ann an sràidean Asceloin; air eagal gum bi nigheanan nam Philisteach aoibhneach, air eagal gun dèan nigheanan nan neo-thimcheall-gheàrrte luathghaire.

Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn-aodaich.

Agus nuair a bha àirc an Tighearna a’ teachd a‑steach gu baile Dhaibhidh, dh’amhairc Michal nighean Shauil tro uinneig, agus chunnaic i rìgh Daibhidh a’ leumnaich agus a’ dannsa am fianais an Tighearna, agus rinn i tàir air na cridhe.

Agus chluich Daibhidh agus taigh Israeil uile am fianais an Tighearna, air gach inneal-ciùil de fhiodh giuthais, eadhon air clàrsaichean, agus air saltairean, agus air nabalan, agus air tiompanan, agus air ciombalan.

Uime sin chaidh Hilciah an sagart, agus Ahicam, agus Achbor, agus Saphan, agus Asahiah, a dh’ionnsaigh Huldah a’ bhan-fhàidh, bean Shaluim mhic Thicbhah, mhic Harhais, fear-gleidhidh an aodaich (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem anns an oilthaigh), agus labhair iad rithe.

Agus labhair Daibhidh ri uachdarain nan Lèbhitheach, am bràithrean òrdachadh a bhith nan luchd-ciùil le innealan-ciùil, saltairean, agus clàrsaichean, agus ciombalan, a’ dèanamh fuaim, a’ togail suas a’ ghutha le aoibhneas.

Agus mic Amraim: Aaron, agus Maois, agus Miriam. Agus mic Aaroin: Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

Cuimhnich thusa, mo Dhia, air Tobiah agus Sanbalat a rèir an obrach sin, agus mar an ceudna air a’ bhan-fhàidh Noadiah, agus a’ chuid eile de na fàidhean leis am b’àill eagal a chur orm.

Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha.

Molaibh e le tiompan agus dannsa; molaibh e le innealan-ciùil nan teud agus le organ.

Thionndaidh thu dhòmhsa mo bhròn gu dannsa; chuir thu dhìom m’aodach-saic, agus chrioslaich thu mi le aoibhneas;

Chuir an Tighearna a ghuth a‑mach; bu lìonmhor cuideachd na muinntir a dh’fhoillsich e.

Dh’imich an luchd-seinn air thoiseach, an luchd-ciùil nan dèidh, am meadhon mhaighdeann a’ bualadh thiompan.

Anns na coitheanalan beannaichibh an Tighearna Dia, an Tighearna o thobar Israeil.

Glacaibh salm, agus thugaibh tiompan leibh; a’ chlàrsach bhinn maille ris an t‑saltair.

Agus sheas a phiuthar am fad uaithe, a dh’fhaicinn ciod a dhèante ris.

Am gu gul, agus àm gu gàire; àm gu caoidh, agus àm gu dannsa;

A‑rìs togaidh mi thu, agus bidh tu air do thogail, O òigh Israeil; a‑rìs sgeadaichear thu led thiompanan, agus thèid thu a‑mach ann an dannsa na muinntir a nì aighear.

Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam.

Agus labhair Miriam agus Aaron an aghaidh Mhaois airson na mnà o Etiopia, a phòs e; oir bha e air pòsadh mnà o Etiopia.

Agus thubhairt iad, An do labhair an Tighearna da‑rìribh le Maois a‑mhàin? Nach do labhair e mar an ceudna leinne? Agus chuala an Tighearna e.

An sin thàinig clann Israeil, eadhon an co‑chruinneachadh uile, gu fàsach Shin, anns a’ chiad mhìos: agus dh’fhan an sluagh ann an Cadeis: agus fhuair Miriam bàs an sin, agus dh’adhlaiceadh an sin i.

Agus b’e ainm bean Amraim Iochebed, nighean Lèbhi, a rug a màthair do Lèbhi anns an Eiphit: agus rug i do Amram, Aaron, agus Maois, agus Miriam am piuthar.

Agus bha Anna, ban-fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe:

Agus bha ceathrar nighean aigesan, òighean, a bha ri fàidheadaireachd.

Ach gach bean a tha a’ dèanamh ùrnaigh no fàidheadaireachd gun chòmhdach air a ceann, tha i a’ toirt eas-urraim da ceann: oir is ionnan sin agus ged bhiodh i air a bearradh.

Biodh ur mnathan nan tosd anns na h‑eaglaisean; oir chan eil e ceadaichte dhaibh labhairt; ach is còir dhaibh a bhith umhail, mar tha an lagh mar an ceudna ag ràdh.

Agus thàinig Iephtah gu Mispeh da thaigh, agus, feuch, thàinig a nighean a‑mach na choinneamh le tiompanan agus le dannsan, agus b’i a aon leanabh-cloinne i: cha robh aige mac no nighean ach i.

Agus seallaibh, agus, feuch, ma thig nigheanan Shiloh a‑mach a dhannsa ann an dannsan, an sin thigibh-se a‑mach as na fìonliosan, agus glacaibh gach fear dhibh a bhean de nigheanan Shiloh, agus rachaibh gu tìr Bheniàmin.

Agus thug Deborah, ban-fhàidh, bean Lapidoit, breith air Israel anns an àm sin.

Na dhèidh sin thig thu gu cnoc Dhè, far a bheil freiceadain nam Philisteach: agus tàrlaidh, nuair a thig thu an sin don bhaile, gun coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a‑nuas on ionad àrd, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach romhpa, agus iad ri fàidheadaireachd:

Agus nuair a bha iad a’ teachd an dèidh do Dhaibhidh tilleadh o mharbhadh an Philistich, thàinig na mnathan a‑mach à uile bhailtean Israeil, a’ seinn agus a’ dannsa an coinneamh an rìgh Saul, le tiompanan, le gàirdeachas, agus le innealan-ciùil trì-theudach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan